Cosgais goireas-spòrs ùir Steòrnabhaigh air èirigh gu £2.3m

Bun-sgoil Steòrnabhaigh
  • Air fhoillseachadh

Dh'èirich na chosgas goireas-spòrs a tha san amharc aig Bun-sgoil Steòrnabhaigh gu £2.3m a rèir aithisg ùir.

Tha cothrom air maoineachadh a phàigheas sin ge-tà, agus dh'fhaodadh obair air an leasachadh tòiseachadh as t-samhradh.

Chaidh an aithisg a chur air beulaibh Comataidh Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar Dimàirt.

Aig a' choinneimh sin chaidh a dhearbhadh gun deach cead-dealbhachaidh a thoirt seachad deireadh na bliadhna an-uiridh, agus tha pròiseas tairgse airson cùmnantaiche fhastadh fosgailte gu deireadh a' Chèitein.

Dh'èirich a' chosgais ge-tà, nuair a chaidh aithneachadh nach gabhadh an togalach ùr teasachadh le ceangal ri siostam teasachaidh na sgoile fhèin, ach gum feumadh e siostam teasachaidh fa leth.

'S e togalach le frèama stàilinn a bhios ann, le ballaichean dùbailte teann.

Cha d' fhuaireas ach aon tairgse airson a' chùmhnant, bho chompanaidh shònraichte ann an Canada.

Ma thèid cùisean a rèir a' chlàir-ama, tha dùil gum bi an togalach tràth ann an 2026.