Iomadachadh
Gus \(237\) iomadachadh le \(4\) gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:
(\(4 \times 7 = 28\)) Cuir \(8\) ann an àite nan aonadan agus thoir leat \(2\).
(\(4\times 3 = 12 \) agus an uair sin cuir-ris \(2\) is gheibh thu \(14\)) Cuir \(4\) ann an àite nan deichean agus thoir leat \(1\).
(\(4 \times 2 = 8\) agus an uair sin cuir-ris \(1\) is gheibh thu \(9\)). Cuir \(9\) ann an àite nan ceudan.
Mar sin \(237 \times 4 = 948\)
Ag iomadachadh le àireamh slàn dà-fhigear
Gus \(237\) iomadachadh le \(24\) gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:
Bidh thu a' dèanamh a' chiad loidhne dhen obrachadh san aon dòigh ri bhith ag iomadachadh le àireamh aon-fhigear.
San dara loidhne tha sinn ag iomadachadh le \(20\) (dà dheich). Bhon a tha sinn ag iomadachadh le deichean, 's e daonnan neoni a bhios ann am figear an aonaid.
Ann an dòigh coltach ris an obrachadh gu h-àrd: \(2 \times 7 = 14\). Cuir \(4\) ann an colbh nan deichean agus thoir leat \(1\) gu colbh nan ceudan.
\(2 \times 3 = 6\): cuir-ris an \(1\) a thug thu leat agus gheibh thu \(7\) agus cuir seo ann an colbh nan ceudan.
\(2 \times 3 = 6\): cuir-ris an \(1\) a thug thu leat agus gheibh thu \(7\) agus cuir seo ann an colbh nan ceudan.
\(2 \times 2 = 4\): cha tug thu leat dad agus mar sin cuir \(4\) ann an colbh nam mìltean.
Cuir-ris \(948\) agus \(4740\).
Mar sin \(237 \times 24 = 5\,668\)