Naidheachdan 11:00m
Atharrachadh na Gnàth-shìde
Tha ministearan aig Westminster air aideachadh gu bheil tuilleadh obrach a dhìth airson an dùthaich a dheisealachadh ron chunnart a thig an lùib atharrachadh na gnàth-shìde agus blàthachadh na cruinne. Tha aithisg ùr bho Chomataidh Atharrachadh na Gnàth-shìde, a bhios a' comhairleachadh an riaghaltais, air cur às an leth nach eil iad air a bhith ag ullachadh mar a tha còir dha èiginn a dh'fhaodadh a bhith an lùib an leithid stoirmean agus tuiltean dha bun-structar agus eile. A rèir na comataidh, dh' fhaodadh an dàrna leth de rathaidean agus loidhnichean-rèile - agus cairteal de thaighean na dùthcha - a bhith fo chunnart tuil ron bhliadhna 2050.
Taigh-staile na Hearadh
Tha fear de chomhairlichean na Hearadh ag ràdh gur e buille chruaidh a th' ann dhan àite gu bheil obraichean gan call aig Taigh-staile na Hearadh. Dh'innis a' chompanaidh air an Taibeart an-dè gu bheil iad an dòchas gum bi daoine deònach falbh gu saor-thoileach ach gur dòcha gum bi aca ri daoine a chur à dreuchdan an aghaidh an toil. Tha dùil gu bheil mu 50 neach ag obair dhan taigh-staile, ach chan eil cinnt ann cia mheud cosnadh a bhios a' falbh.
An t-Suain
Tha na h-ùghdarrasan san t-Suain air neach sia bliadhna deug a dh'aois a chur an grèim fo amharas triùir a mharbhhadh le gunna ann am baile Uppsala an-dè. A rèir aithrisean, bha an fheadhainn a chaidh a mharbhadh nam fireannaich aois eadar sia deug agus fichead. Tha dùil gun deach losgadh le gunna air bùth ghruagaire, mus do theich neach a' ghunna air sgùtair.
Barclays
Dh'fhoillsich Banca Barclays prothaid do £2.7bn airson a' chiad chairteal den bhliadhna - àrdachadh de 19% air an àm seo an-uiridh. Tha Barclays cuideachd air £643m a chur ma seach air eagal is gun toir na poileasaidhean caochlaideach malairt aig Dòmhnall Trump buaidh air fiachan a' bhanca.
Airgead
Tha comataidh de bhuill-phàrlamaid air dragh a thogail gum bi cuid de dhaoine so-leònta agus feadhainn air tuarastal beag le prìsean nas motha ri phàigheadh aca airson an leithid biadh is eile, ma bhios barrachd bhùithtean a' gluasad gus pàigheadh a ghabhail le cairt a-mhàin. Tha aithisg le comataidh thaghte an ionmhais aig Westminster ag ràdh gum bi cothrom aig bùithtean barrachd iarraidh airson na tha iad a' reic ma tha iad am measg beagan a-mhàin a bhiodh deònach airgead paipeir a ghabhail, seach cairt. Tha air moladh gum biodh an lagh air atharrachadh gus toirt air bùithtean airgead a ghabhail a thuilleadh air càirtean.
Bus
Bha tubaist rathaid ann le bus sgoile ann an Siorrachd Obar Dheathain an-diugh sa mhadainn. Thuirt comhairle na sgìre nach robh duine air an goirteachadh san tubaist, a thachair faisg air baile Crathes. Tha rannsachadh a' leatainn air mar a thachair.