Maighstir-Cala ùr aig an stiùir ann am Port Steòrnabhaigh

Màrtainn Greumach, Alasdair Mac a' Ghobhainn agus Chris DòmhnallachTùs an deilbh, Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Màrtainn Greumach (air an làimh chlì) a' gabhail àite Alasdair Mhic a' Ghobhainn (sa mheadhan) agus tha Chris Dòmhnallach a' dol na Leas-Mhaighstir-Cala

  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Ùghdarras Cala Steòrnabhagh gu h-oifigeil gur e Maighstir ùr a' phuirt Màrtainn Greumach a thòisich san dreuchd aig toiseach a' Ghiblin.

Tha e a' gabhail àite Alasdair Mhic a' Ghobhainn a tha a' leigeil dheth a dhreuchd an dèidh 45 bliadhna aig muir.

Tha Mgr Mac a' Ghobhainn air a bhith leis an ùghdarras airson ochd bliadhna agus chaidh e na Mhaighstir-Cala ann an 2022.

Ghabh e bliadhna far na dreuchd ann an 2019 airson a dhol na Mhaighstir air an t-soitheach Pressure Drop, a bha an sàs sa phròiseact na h-àitichean as doimhne a lorg sna còig cuantan mòra den t-saoghal agus daoine a chur sìos thuca airson a' chiad uair.

Tha Mgr Greumach a' dol na Mhaighstir-Cala an dèidh grunn obraichean aig muir, nam measg le Gulfmark UK ann an roinn a' ghas agus na h-ola agus air soithichean Edda Wind a' cumail taic ri tuathan-gaoithe mara.

Thòisich e mar Leas-Mhaighistir-Cala le Ùghdarras a' Chala sa Chèitean 2024.

A' gabhail os làimh na dreuchd sin tha Chris Dòmhnallach a th' air a bhith 20 bliadhna aig muir.

Rinn Ailig MacLeòid, Àrd-Oifigear Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh, moladh air Alasdair Mac a' Ghobhainn.

"Tha a chuid cheannais, phroifeasantachd agus eòlais air a bhith buileach feumail do dh'Ùghdarras a' Chala agus dhomhsa san ùine aige an seo.

"Tha sinn a' toirt taing dha airson na rinn e agus, aig a' cheart àm, a' coimhead air adhart ri linn ùr fo stiùir Mhàrtainn Ghreumaich, agus fàs mòr a' tighinn air goireasan a' phuirt gu sònraichte an cois a' chala domhainn ùr againn."