Fear a bhàsaich ann an Etape Loch Nis air ainmeachadh

Steven WilsonTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Chaidh rothaiche a bhàsaich an dèidh tubaist le càr fhad 's a bha e a' gabhail pàirt ann an tachartas rothaireachd an Inbhir Nis Didòmhnaich ainmeachadh.

Bha Steven Wilson, aois 49, a' gabhail pàirt ann an Etape Loch Nis nuair a bhuail càr BMW 120 M Sport ann air Rathad Bhruach an Eilein mu 12:10f Didòmhnaich.

Chaidh a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir, far an do chaochail e goirid an dèidh làimh.

"Tha ar smuaintean le teaghlach agus caraidean Mhgr Wilson aig an àm dhuilich seo," thuirt an Sàird. Lewis MacLeòid.

"Tha an rannsachadh againn air na thachair a' leantainn, agus dh'iarramaid air duine sam bith a chunnaic an tubaist 's nach eil air bruidhinn ris na Poilis fhathast tighinn thugainn."

Thathas ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh brath a chur gu Poileas Alba air 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 1334 den 27mh là den Ghiblean 2025.