Sgìrean-sgoile Uibhist a Deas gun atharrachadh

Sgoil DhalabroigTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin Comhairlichean sna h-Eileanan Siar gun crìochan sgìrean-sgoile ann an Uibhist a Deas atharrachadh.

Bha Comhairle nam Pàrant aig Sgoil Dhalabroig air iarraidh air a' Chomhairle sa Ghearran an-uiridh coimhead ri crìochan nan sgìrean-sgoile san eilean atharrachadh.

Bha iad ag iarraidh gun deadh còig bailtean ann an sgìre Sgoil an Ìochdair a chur an lùib sgìre Sgoil Dhalabroig, agus sianar às na bailtean sin a' frithealadh Sgoil Dhalabroig co-dhiù ged nach fhaigh iad còmhdhail sgoile thuice.

Ach bha dragh air cuid mun bhuaidh a bheireadh sin air Sgoil an Ìochdair nan deadh na crìochan atharrachadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Fhuair suirbhidh gun robh trì cairteal den fheadhainn a ghabh pàirt an aghaidh a' mholaidh le faisg air cairteal air a shon, le cuid airson atharrachaidhean beaga a dhèanamh air a' mholadh.

Aig coinneimh Dimàirt, ghabh buill air Comataidh Foghlaim na Comhairle ri moladh gun atharrachadh a dhèanamh air crìochan nan sgìrean-sgoile ann an Uibhist a Deas.

Gheall a' Chomhairle ge-tà, sùil a thoirt air càite am bi busaichean-sgoile a' ruith.

"Obraichidh sinn a-nise le pàrantan a' toirt sùil air busaichean-sgoile is cà bheil iad a' ruith", thuirt Àrd-Oifigear an Fhoghlaim, Dòmhnall Macleòid.

"Feumaidh sinn a bhith faiceallach, 's e poileasaidh na Comhairle gu bheil sin ceangailte ri sgìrean-sgoile ach nì sinn a h-uile càil as urrainn dhuinn airson taic a thoirt do phàrantan", thuirt e.